Traditional Scottish Folk
Fil O Ro
Fil o ro, fil o ro, fil o ro hug eile
Fil o ro, fil o ro, fil o ro hug eile
Air fa le li o agus ho ro hug eile
Chan fhaigh mi cadal sàmhach
A ghràidh, 's gun thu rèidh rium

Is truagh nach robh mis' agus tusa far an iarrainn
Sia latha na seachdain, is seachd, ochd bliadhna
Nn seòmraichean glaiste le clàidheamhan iarainn
Na h-iuchraichean air chall agus dall bhith gan iarraidh

Fil o ro, fil o ro, fil o ro hug eile
Fil o ro, fil o ro, fil o ro hug eile
Air fa le li o agus ho ro hug eile
Chan fhaigh mi cadal sàmhach
A ghràidh, 's gun thu rèidh rium

Bu bhinne leam do chòmhradh na smeòrach nan geugan
Na cuthag sa mhadainn Mhàighe no clàrsach nan teudan
Nan t-easbaig air latha Dòmhnaich, 's am mòr-shluagh ga èisteachd
No ged a chunntadh stòras na h-Eòrpa gu lèir dhomh

Fil o ro, fil o ro, fil o ro hug eile
Fil o ro, fil o ro, fil o ro hug eile
Air fa le li o agus ho ro hug eile
Chan fhaigh mi cadal sàmhach
A ghràidh, 's gun thu rèidh rium
Is truagh nach robh mi fàgail an t-saoghail seo ro-chianail:
Bha dòchas faoin gam thàladh, 's e 'n gaol rinn mo dhìobhail
Ged fada bhuam a shiùbhladh tu rim bheò bhithinn riut dìlеas
'S nuair thigeadh Latha na Cruinne 's e Mòr Ròs a dh'iarrainn

Fil o ro, fil o ro, fil o ro hug еile
Fil o ro, fil o ro, fil o ro hug eile
Air fa le li o agus ho ro hug eile
Chan fhaigh mi cadal sàmhach
A ghràidh, 's gun thu rèidh rium